Thursday, September 28, 2006

Bliadhna na Bainnse




Seo bliadhna na bainnse. Cha robh mi riamh roimhe seo aig ceithir bainnsean anns an aon bhliadhna — agus tha trì mìosan air fhàgail fhathast!

Chan eil mise a’ gearan, tha sibh a' tuigsinn … chòrd iad uile rium gu mòr, gu h-àraid na bainnsean far an robh pìobairean.

Thachair mi ris a’ phiobaire seo — Tom Herr — aig iomadh banais am bliadhna, ach an turas seo gur ann aig banais a nighean fhèin a bha Tom a' seinn air a’ phìob. Phòs Megan Herr agus Nathan Lester ann an Richmond, Virginia, aig toiseach a’ mhìos seo.

Bha tuilleadh na pìobairean ann — sheinn Ed Owen à Richmond laoidh anns a’ Ghàidhlig. Tha màthair Megan — Cèit Herr — ag ionnsachadh Gàidhlig cuideachd.


Agus innsidh mi dhuibh: Aig a’ bhanais seo, cha b’e champagne a bha iad ag òl mar dheoch-slàinte, ach mac-na-bracha dìreach às a’ chuaich!

Seo Megan agus "na balaich" (agus seall air a' bhodach aig bonn na staidhre air an taobh chlì).

A Mhegan agus Nathan, mealaibh ur naidheachd!

Monday, September 25, 2006

Agallamhan

’S iomadh agallamh a rinn mi mar neach-naidheachd rè na bliadhnaichean (chan innis mi dhuibh dè cho mòran dhiubh a bh’ann!), ach tha cuid dhiubh comharraichte ’nam chuimhne. Bha cothrom agam bho uair gu h-uair a choinneachadh agus a bhruidhinn ri boireannaich sònraichte a bha – agus a tha – an sàs ann an saoghal na Gàidhlig agus cultar nan Gaidheal ann an Albainn agus ann an Èirinn. Dh’ionnsaich mi mòran bhuapa, agus bha na bh’aca ri ràdh cudthromach agus ùidheil ann an iomadh dòigh.

Rinn mi na h-agallamhan airson irisean eadar-dhealaichte, agus cha deach an cruinneachadh riamh ann an aon àite gus an latha an-diugh. A-nise, tha iad ri fhaighinn aig Gaelcast – www.gaelcast.com. Tha dùil agam gun tèid sibh ann agus gun leugh sibh cuid dhiubh – agus gun còrd iad ruibh.

Nuala Ní Dhomhnaill (“In our community there was a stupendously high level of verbal felicity and virtuosity.”)
Margaret Bennett (“I had the opportunity to interview a 105-year-old woman from Harris who remembered coming across the Atlantic in the hold of a wooden ship when she was a child.”)
Catrìona NicIomhair Parsons (“Nuturing the use of Gaelic … by the oldest to the youngest, is the most important task of all.”)
Rosemary McCormack (“It’s the politicians who should learn these songs [about the human cost of war].”)

Rinn mi agallamh ris an seinneadair Cairistìona Primrose agus Alison Kinnaird, an clàrsair, cuideachd, agus bithidh sin ri fhaotainn aig Gaelcast a dh’aithghearr.

Wednesday, September 20, 2006

A’ bheil sibh eòlach oirre?



Seo dhuibh Annag, a bha na cat-fuadain ach a-nise a tha fuireach còmhla rium agus Ruairidh (cat eile – ochd bliadhna dh’aois agus chan eil e cho toilichte an-dràsda, feumaidh mi ràdh).

Bha Annag a’ fuireach a measg na craobhan agus preasan mu thimcheall an taigh agam — chan eil fhios agam dè cho fada — agus bha i glè-thoilichte dachaigh ùr fhaighinn.

Tha i cho gaolach tha e duilich ri creidsinn gun do chuir cuideigin cùl rithe — ’s dòcha gun deach i air chall. Ach cha robh “tags” neo microchip neo rud sam bith eile aice.

Thug mi Annag dhan “bheat” Diluain agus gu fortanach cha robh rud sam bith ceàrr oirre – ged nach deach a spothadh fhathast. Tha i mu bhliadhna dh’aois.

Sunday, September 03, 2006

"Bu deònach leam tilleadh"


Dannsairean-ceumaidh òga aig Fèis Mhàbu 2004


"'S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh," mar a thuirt am bàrd, agus mar a thuirt bàrd eile, "bu deònach leam tilleadh."

Agus tha mi toilichte ri ràdh gun till mi do Cheap Breatainn ann an ùine ghoirid, airson an fhèill chiùil mhòr "Dathannan Ceilteach" neo "Celtic Colours."

A' robh sibh riamh ann? 'S e seo an dàrna turas agam chun na fèille seo – bha mi ann bhon-uiridh agus chòrd e gu mòr mòr rium. Fhuair mi cothromman gu leòir Gàidhlig a bhruidhinn agus choinnich mi ri iomadh caraid bho Chanada, Alba agus na Stàitean.

Bha Seonachan Dembling ann, agus Brian Ó hEadhra, agus Cairistìona Primrose, Mary Jane Lamond agus mòran daoine eile.

Am bliadhna, bithidh mo charaid Micheal MacAoidh agus a bhean Cathy ann cuideachd, agus clàraidh sinn agallamh neo dhà airson Gaelcast, tha mi cinnteach.

An tèid sibh ann cuideachd? Sgrìobhaibh thugam ma tha – ’s dòcha gun coinnich sinn ann an tìr nan craobh.

Friday, September 01, 2006

Fàilte dhan Chiste / Welcome

Fàilte dhuibh dhan Chiste Mhòr, blog ùr anns a’ Ghàidhlig agus, uaireannan, Beurla. Dìreach mar a bhios mi a' faireachdainn. ’S mise Liam Ó Caiside, neo Bill Cassidy.

Welcome to A' Chiste Mhòr - "The Big Chest" – a new blog in Scottish Gaelic and, sometimes, English. Depending on how I feel at the moment. I'm Bill Cassidy, or Liam Ó Caiside.

Dè gheibhear ann a’ seo? A bharrachd air fàilte:

  • mo smaointean;

  • mo bheachdan;

  • ceangailtean ri airteagalan a sgrìobh mi agus agallamhan a rinn mi;

  • Cothrom airson còmhraidh ann an Gàidhlig neo Beurla – feuchaidh mi beagan Gaeilge cuideachd, ma ’s e sin a tha bhuaibh.

What will be found here? Beyond a welcome, my thoughts, opinions, links to articles I’ve written and interviews I’ve done. A chance for conversation in Gaelic or English – I’ll try a little Irish too, if that’s what you want!

’S e neach-naidheachd a th’ annam – agus gheibh sibh cuid dhe m' obair aig Gaelcast, prògram a tha ’ga chraoladh air an eadar-lìon a h-uile ceala-deug ann am podcraoladh.

I'm a journalist, and you'll find some of my work at Gaelcast, a program broadcast over the Internet every fortnight in a podcast.

Nach tèid sibh ann, agus thigibh air ais a’ seo cuideachd!