
"'S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh," mar a thuirt am bàrd, agus mar a thuirt bàrd eile, "bu deònach leam tilleadh."
Agus tha mi toilichte ri ràdh gun till mi do Cheap Breatainn ann an ùine ghoirid, airson an fhèill chiùil mhòr "Dathannan Ceilteach" neo "Celtic Colours."
A' robh sibh riamh ann? 'S e seo an dàrna turas agam chun na fèille seo – bha mi ann bhon-uiridh agus chòrd e gu mòr mòr rium. Fhuair mi cothromman gu leòir Gàidhlig a bhruidhinn agus choinnich mi ri iomadh caraid bho Chanada, Alba agus na Stàitean.
Bha Seonachan Dembling ann, agus Brian Ó hEadhra, agus Cairistìona Primrose, Mary Jane Lamond agus mòran daoine eile.
Am bliadhna, bithidh mo charaid Micheal MacAoidh agus a bhean Cathy ann cuideachd, agus clàraidh sinn agallamh neo dhà airson Gaelcast, tha mi cinnteach.
An tèid sibh ann cuideachd? Sgrìobhaibh thugam ma tha – ’s dòcha gun coinnich sinn ann an tìr nan craobh.
