Wednesday, September 20, 2006
A’ bheil sibh eòlach oirre?
Seo dhuibh Annag, a bha na cat-fuadain ach a-nise a tha fuireach còmhla rium agus Ruairidh (cat eile – ochd bliadhna dh’aois agus chan eil e cho toilichte an-dràsda, feumaidh mi ràdh).
Bha Annag a’ fuireach a measg na craobhan agus preasan mu thimcheall an taigh agam — chan eil fhios agam dè cho fada — agus bha i glè-thoilichte dachaigh ùr fhaighinn.
Tha i cho gaolach tha e duilich ri creidsinn gun do chuir cuideigin cùl rithe — ’s dòcha gun deach i air chall. Ach cha robh “tags” neo microchip neo rud sam bith eile aice.
Thug mi Annag dhan “bheat” Diluain agus gu fortanach cha robh rud sam bith ceàrr oirre – ged nach deach a spothadh fhathast. Tha i mu bhliadhna dh’aois.
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
2 comments:
Tha i eireachdail! 'S e fear aig a bheil mòran gaoil air cait a tha annam. O chionn fhada, bha cat coltach rithe agam.
Mòran taing! Tha mi gu math deidheil air cait agus ainmhidhean agus beathaichean eile cuideachd. Tha mi toilichte ri ràdh gu bheil i slàn agus a’ còrdadh ris a’ chat eile agam – Ruairidh. Chan eil iad a’ sabaid ach beagan – agus tha Ruairidh fada nas motha na Annag! Cat ruadh reamhar!
Post a Comment