Thursday, October 19, 2006

Air Ais Dhan Sgoil



Chaidh mi air ais dhan oilthigh dar a bha mi ann an Albainn Ùir bho chionn ghoirid.

Fìor bu thoigh leam mo dhreuchd a leigeil dhìom agus a’ dol air ais dhan oilthigh — agus a bhi òg a-rithist — ach cha b’e sin a thachair, mo bhròn!

Rinn mi cèilidh air Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier ann an Antigonish far an do bhruidhinn mi ris an ollamh Coinneach Nilsen anns an Roinn Ceilteach mu dheidhinn na prògramman, na clasaichean agus na goireasan a th’aca.

Tha Naomh FX gu math ainmeil air feadh Canada airson prògramman acadaimigeach fo-cheumnaiche, Eòlas Ceilteach nam measg.

Tha Gàidhlig air a teagasg aig ceithir ìrean — rud nach faightear ann an oilthigh neo colaisde sam bith eile air feadh Aimearagaidh a Tuath.

Tha goireas ùr aca air an Eadar-Lìon a bhiodh gu math freagarrach do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh na cruinne, agus 's e sin Sruth nan Gaidheal, seòrsa de leabharlann digiteach far am faightear òrain agus sgeulachdan ann am faidhlean mp3.

Tha cuid dhe na h-òrain a’ dol air ais gu 1914, nuair a rinn John MacMartin clàradh de Donnchadh Aonghas MacRath ann an Glengarry, Ontario. Èisdibh ri seo agus ri seo.

Tha e doirbh ri creidsinn gu bheil sibh ag èisdeachd ri duine a’ seinn ann an 1914 — ceithir fichead bliadhna 's a dhà dheug air ais!

Seo dhuibh pàirt dhen agallamh a rinn mi ri Coinneach Nilsen – bithidh e ri fhaotainn agus ri èisdeachd ann an Gaelcast a dh’aithghearr:
Liam: A Choinnich, nach innis thu dhuinn beagan mu dheidhinn a' phrògram agus an roinn agaibh fhèin agus ciamar a chaidh an stèidheachadh?

Coinneach: Uill, chaidh an roinn seo fhèin a stèidheachadh o chionn, uill, faisg air lethcheud bliadhna air ais, anns na caogaidean, agus ged a bha Gàidhlig ga teagasg ann seo fada roimhe sin. Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga teagasg a’ seo bho chionn ceud agus deich bliadhna. Ma dh’fhaoidte gur e sinne a’ cheud àite ann an Aimearagaidh a Tuaith aig an robh clasaichean Gàidhlig, chan eil mi buileach cinnteach mu dheidhinn sin ach tha mi creidsinn gur e sinne …

Liam: Agus aig ceithir ìrean an dràsda, nach eil?

Coinneach: Uill, an dràsda tha … uill, mar a bha mi ’g innse dhuit chaidh an roinn seo a stèidheachadh o chionn lethcheud bliadhna agus bho chionn ma dh’fhaoidte còig bliadhna deug tha a roinn Ceilteach seo air fàs. An diugh fhèin tha triùir againn a’ teagasg gu làn-thìde. Tha clasaichean Gàidhlig againn aig ceithir ìrean. Tha clasaichean againn cuideachd anns an litreachas, litreachas Ceilteach, agus ann an siobhailteach nan Ceilteach. Tha clasaichean againn anns a’ bhàrdachd, agus tha mi fhìn a’ teagasg Gaeilge, tha deichnear agam ’sa chlas sin. Anns a’ cheud bliadhna Gàidhlig tha deich air fhichead, ach a h-uile bliadhna bithidh na h-àireamhan a’ dol sìos – anns an dàrna bliadhna ma dh’fhaoidte nach eil ach còig deug neo fichead agus anns an treas bliadhna cha bhi mòran ma dh’fhaoidte ach còignear neo sianar agus anns a’ cheathramh bliadhna, ma dh’fhaoidte, trìuir neo ceithrear. Ach mar sin fhèin, na sgoilearean a tha again, feadhainn dhiubh, dar a dh’fhàgas iad an t-àite seo, tha iad air an rathad gu bhith fileanta anns a’ Ghàidhlig, gu h-àraid ma nì iad cleachdadh air an taobh a-muigh dhe na clasaichean.

Rud a tha againn – bha thu fhèin ann an diugh – tha bòrd na Gàidhlig againn. Uair san t-seachdain bi sinn a’ cruinneachadh agus a’ gabhail biadh – lòn – agus duine sam bith aig a bheil toil a’ tighinn dhan bhòrd sin faodaidh an duine sin tighinn agus bithidh sinn a’ bruidhinn Gàidhlig, bithidh còmhradh againn, bithidh seanachas againn, feadhann ag innse bhreugan agus rud ri an seòrsa sin, naidheachdan, agus a h-uile seòrs’ …

Liam: Fealla-dhà, is dòcha …

Coinneach: Fealla-dhà, gu dearbh, agus bruidhinn mu dheidhinn dè tha dol ann an Antigonish agus anns an t-Saoghal Mhòr cuideachd. Agus tha sin ann an cuideachadh mòr dha na sgoilearan a thig dhan bhòrd [airson] cleachdadh.

Rud eile a bhios againne, dà thuras neo trì tursan anns a’ bhliadhna bithidh làithean Gàidhlig againn agus bithidh suas neo lethcheud neo trì fichead às a h-uile h-àite ann an Albainn Ùir a’ tighinn gu na clasaichean a bhios againne air na làithean sin. Rud eile, tha e air a bhith againn bho chionn còig bliadhna a-niste, tha tumadh Gàidhlig againn aig deireadh a’ Ghiblein, neo tòiseach a’ Cheitein, agus bithidh sin a’ mairsinn airson ceithir latha agus bithidh sinn a’ faighinn sluagh a tha tighinn à New Brunswick, às a h-uile h-àite ann an Albainn Ùir agus feadhainn à Maine agus à Boston agus às na h-àiteachan sin. Tha sinn a’ faighinn feadhainn … tha sin a’ còrdadh riutha glè mhòr.

So, sin pàirt dhe na rudan a tha sinn a’ dèanamh, agus rud eile a tha air a bhith againn airson aon bhliadhna deug, tha sgoilearachd againn airson cuideigin a chur a-null a dh’Alba as t-samhradh. Agus an duine sin, neo uaireannan bithidh dithist a’ dol ann, gu Sabhal Mòr Ostaig, far am bi iad airson dà sheachdain, agus an deaghaidh sin, chuireadh iad seachad seachdain neo dhà anns na h-Eileanan an Iar, agus an fheadhainn a thilleas as a sin, bhiodh iad gu math nas fileanta anns a’ Ghàidhlig na bha iad mun do dh’fhalbh iad. So sin pàirt dhe na rudan a tha sinn a’ dèanamh a’ seo. A’ cumail suas na Gàidhlig.


Uill, bha sin gu leòir airson na h-oidhche seo – oidhche mhath leibh agus beannachd leibh!

No comments: