Thursday, October 05, 2006

Cò Mise?


“B’eòlach ur sinn-sinn-sinn seanair orm …

“Rugadh mi iomadh bliadhna air ais – ann an Èirinn, no, is dòcha, ann an Alba Nuadh. Dhìochuimhnich mi. Cò-dhiubh, dh’fhuirich mi ann am Pictou agus na h-Eileanan Magdalen anns an naoidheamh linn deug agus chaochail mi eadar 1840 agus 1870.

“Dè’n aois a tha mi anns an dealbh seo? Tha e duilich ri ràdh. Dè ur beachd?"

Uill, a chàirdean, feumaidh mi ràdh gur e mo “sheanair” a tha anns an dealbh seo – mo shinn-sinn-sinn-sinn seanair Seán Ó Caiside, is dòcha, no a mhac Seumas, mo shinn-sinn-sinn seanair. Fhuair mi an dealbh seo bho co-ogha agam ann an Alba Nuadh, Réamoinn Ó Caiside. Gun robh maith agad, a Réamoinn!

Fhuair e sgrìobhadh air chùl an dealbh ag innse gur e “John Cassidy, schoolmaster” a bh’ ann. Ma bha, tha e mìorbhaileach gu bheil dealbh dheth againn an latha an-diugh. Rugadh Seán ann an Èirinn anns a’ bhliadhna 1757 agus fhuair e bàs ann an Canada ann an 1842, aig ceithir fichead agus còig bliadhna a dh'aois. Cha d’thoisich iad a’ togail dealbhan gus am bliadhna 1839, tha mi creidsinn.

’S dòcha gur e Seumas, mac Sheáin, a bh’ ann. Rugadh Seumas ann an 1798 agus chaochail esan ann an 1865. Bhiodh sin nas coltaiche, na mo bheachd.

A’ bheil sibh eòlach air seann-èideadh agus dealbhan – dè ur barail?

Seán no Seamus, ’s e duine eireachdail a bh’ ann – fada na b’fheàrr na mise! Chan eil fiasag cho breagha agam idir, gun a bhith bruidhinn mu dheidhinn falt … càite an deach an DNA, mo bhròn!

Gus an ath-thuras, is mise, le meas, Liam mac Sheáin ’ic Fhraing ’ic Alonzo ’ic Anndra ’ic Sheumais ’ic Sheáin. Slàn leibh!

No comments: