Sunday, September 03, 2006

"Bu deònach leam tilleadh"


Dannsairean-ceumaidh òga aig Fèis Mhàbu 2004


"'S e Ceap Breatainn tìr mo ghràidh," mar a thuirt am bàrd, agus mar a thuirt bàrd eile, "bu deònach leam tilleadh."

Agus tha mi toilichte ri ràdh gun till mi do Cheap Breatainn ann an ùine ghoirid, airson an fhèill chiùil mhòr "Dathannan Ceilteach" neo "Celtic Colours."

A' robh sibh riamh ann? 'S e seo an dàrna turas agam chun na fèille seo – bha mi ann bhon-uiridh agus chòrd e gu mòr mòr rium. Fhuair mi cothromman gu leòir Gàidhlig a bhruidhinn agus choinnich mi ri iomadh caraid bho Chanada, Alba agus na Stàitean.

Bha Seonachan Dembling ann, agus Brian Ó hEadhra, agus Cairistìona Primrose, Mary Jane Lamond agus mòran daoine eile.

Am bliadhna, bithidh mo charaid Micheal MacAoidh agus a bhean Cathy ann cuideachd, agus clàraidh sinn agallamh neo dhà airson Gaelcast, tha mi cinnteach.

An tèid sibh ann cuideachd? Sgrìobhaibh thugam ma tha – ’s dòcha gun coinnich sinn ann an tìr nan craobh.

2 comments:

tearlach61 said...

'l fhios agad, an-uiridh, theab sinnne a dhol a Ceap-Breatainn. Tha na pàrantan mo bhean a'fuireach ann am Montreal's bha ise airson tilleadh chèilidh orra. Smaoinich mise gum biodh e math nan choinneadh sinn riutha ann an Ceap Breatainn far am bhiodh cothrom rudan gaidhealach a dheanamh. Aig a'cheann thall, chaidh mi dhan collaiste na Gàidhlig (à Alba Nuadh) ach ann am Vermot faisg air Montreal. Chòd i rium gu mòr.

'S inntinneach na dh'innse thu. Aig an àm ud, rinn mi rannsachadh airson faighinn a-mach nam biodh cothroman gaidhealach gu leòr ri fhaighinn ann an Ceap Breatainn. Bu mhath leam dhol a dh'Alba uaireigin gu dearbh ach bu mhath leam dhol a dh'Alba Nuadh cuideachd.

Chuck

Liam said...

Tapadh leat, Chuck. 'S math gun robh cothrom agad a dhol dhan Cholaisde na Gàidhlig ann an Vermont. A' robh Aonghas MacLeòid neo Eachainn MacNèill ann?

A' cheud uair a chaidh mi gu "Celtic Colours", bha eagal orm nach fhaigh mi mòran chothrom Gàidhlig a bhruidhinn, bho nach biodh ann ach fèis-chiùil. Ach tha mi toilichte ri ràdh gun d'fhuair mi Gàidhlig gu leòr anns a h-uile h-àite. Bha dà fhèis a' dol air adhart aig an aon àm - Fèis Mhabu (chìthear pàisdean a' dannsadh aig an fhèis anns an dealbh) agus Fèis a' Bhraighe (Braighe na h-Aibhne, neo Glendale). Bha clasaichean agus cuirmean-ciùil Gàidhealach ann, agus thachair mi ri iomadh Gaidheal à Alba a bh' ann airson na fèise agus Gaidheil na sgìre ud cuideachd. - bha iad uile a' tighinn a-mach airson na buthan-obrach, na cuirmean-ciùil agus na ceilidhean.

Chì sinn ciamar a bhi cùisean am bliadhna!

Liam